Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lùb aibhne, 's dòcha ann an Obar Phuill
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0585
ÀITE
Obar Phuill
SGÌRE
Taobh Siar Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10504
KEYWORDS
togail dhealbh
A' Ghàidhealtad agus na h-Eileanan
Màir Ethel Muir Donaldson
Eilean I
Obar Phuill
An Eaglais Bhreac
margaidean
fèilltean
dròbhairean
a' dròbhaireachd
dròbhan cruidh
crodh
turasachd
Sir Walter Scott
Rob Roy
River bend, possibly in Aberfoyle

Chaidh an dealbh seo dhen lùb aibhne seo, 's dòcha faisg air Obair Phuill, a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Tha Obar Phuill air an t-seann rathad dròbhaireachd bho thuath chun na h-Eaglaise Brice. Chaidh a stèidheachadh aig làrach far am b' urrainn dhan chrodh a dhol tarsainn air dà fhadhail de dh'Abhainn Fhoirfe. Bha an sgìre cudromach ann a bhith a' dèanamh iarann agus anart agus bha ceithir cuaraidhean sglèat ann cuideachd agus b' e sin an treas àite a bu mhotha ann an Alba airson sglèat fhaighinn.

Fhuair an sgìre togail mar àite-turasachd le sgrìobhaidhean Shir Walter Scott, agus thòisich na Bhictòrianaich air a bhith air leth measail air Obair Phuill.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lùb aibhne, 's dòcha ann an Obar Phuill

PEAIRT

20l

togail dhealbh; A' Ghàidhealtad agus na h-Eileanan; Màir Ethel Muir Donaldson; Eilean I; Obar Phuill; An Eaglais Bhreac; margaidean; fèilltean; dròbhairean; a' dròbhaireachd; dròbhan cruidh; crodh; turasachd; Sir Walter Scott ; Rob Roy;

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection