Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abaid Innis Mo Chaluim, Loch Monadh Teith
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0586
ÀITE
Innis mo Chaluim
SGÌRE
Taobh Siar Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10505
KEYWORDS
togail dhealbhan
A' Ghàidheltachd agus na h-Eileanan
Eilean I
Inchmahome Priory
Lake of Menteith
Augustinians
Walter Comyn
Mary Queen of Scots
Battle of Pinkie
Inchmahome Priory, Lake of Menteith

Chaidh an dealbh dhe na tobhtaichean seo de dh'Abaid Innis Mo Chaluim, Loch Monadh Teith, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn. Chaidh an abaid a stèidheachadh do chanain Augustinianach, le Walter Comy, Iarla Mhonadh Teith. Bhathar ga cleachdadh gu àm an ath-leasachaidh ann an 1560 an uair a chaidh a toirt air falbh bho chleachdadh creideimh. Fhuair Màiri Bànrigh na h-Alba comraich air Innis mo Chaluim an dèidh Blàr Phinkie ann an 1547 's gun i ach gu math òg.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrIdheobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann, aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaIdhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abaid Innis Mo Chaluim, Loch Monadh Teith

PEAIRT

20l

togail dhealbhan; A' Ghàidheltachd agus na h-Eileanan; Eilean I;Inchmahome Priory; Lake of Menteith; Augustinians; Walter Comyn; Mary Queen of Scots; Battle of Pinkie

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection