Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Costa Àrasaig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0593
ÀITE
Àrasaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10511
KEYWORDS
dealbhan
Eilean I
Loch nan Uamh
Arasaig
Am Prionnsa Teàrlach
Na Seumasaich
Blàr Chùl Lodair
Arisaig coastline

Tha an dealbh seo a' sealltainn costa Àrasaig, le eilean Eige air fàire. Chaidh an dealbh a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn.

Thàinig Am Prionnsa Teàrlach air tìr aig Loch nan Uamh as t-samhradh 1745, san oidhirp mu dheireadh gus an teaghlach Stiùbhart fhaighinn air cathair a' chrùin aig Breatainn agus Èirinn. An dèidh call aig Cùl Lodair, theich am prionnsa dhan Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan airson còig mìosan. Mu dheireadh thall, thill e gu Loch nan Uamh, chaidh e air bòrd long cogaidh agus sheòl e gu sàbhailteachd anns an Fhraing agus cha do thill e tuilleadh. An-diugh, tha caragh-cuimhne a' comharrachadh an àite, a rèir aithris, far an do dh'fhàg e airson a dhol dhan Fhraing.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Costa Àrasaig

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20l

dealbhan; Eilean I; Loch nan Uamh; Arasaig; Am Prionnsa Teàrlach; Na Seumasaich; Blàr Chùl Lodair

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection