- TIOTAL
- Rathad ri taobh locha, Àrasaig
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0602
- ÀITE
- Àrasaig
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10520
- KEYWORDS
- Loch nan Uamh
Àrasaig
Am Prionnsa Teàrlach
Na Seumasaich
Blàr Chùl Lodair
lochan
loch

Chaidh an dealbh dhen rathad seo ri taobh locha, le craobh a' crochadh a-mach os cionn an rathaid, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn. 'S dòcha gur ann aig Àrasaig ann an Siorrachd Inbhir Nis a tha an t-àite.
Thàinig Am Prionnsa Teàrlach air tìr aig Loch nan Uamh as t-samhradh 1745, san oidhirp mu dheireadh gus teaghlach nan Stiùbhartach fhaighinn air cathair a' chrùin aig Breatainn agus Èirinn. An dèidh call aig Cùl Lodair, theich am prionnsa dhan Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan airson còig mìosan. Mu dheireadh thall, thill e gu Loch nan Uamh, chaidh e air bòrd long cogaidh agus sheòl e gu sàbhailteachd anns an Fhraing agus cha do thill e tuilleadh. An-diugh, tha caragh-cuimhne a' comharrachadh an àite, a rèir aithris, far an do dh'fhàg e airson a dhol dhan Fhraing.
Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrIdheobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann, aig Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaIdhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive