Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealadh de locha, Na Tròiseachan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0608
ÀITE
Na Tròiseachan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10526
KEYWORDS
Eilean I
Na Tròiseachan
Calasraid
Loch Laomainn
Sir Walter Scott
Lady of the Lake
Rob Roy
Loch view, The Trossachs

Chaidh an dealbh seo de loch, 's dòcha anns na Tròiseachan, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn.'S e sgìre bhrèagha a tuath air Glaschu, eadar Calasraid agus Loch Laomainn a th' anns Na Tròiseachan. Fhuair an sgìre togail mar àite-turasachd le sgrìobhadh Shir Walter Scott, gu h-àraid leis an dà leabhar 'Lady of the Lake' agus 'Rob Roy'.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrIdheobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann, aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaIdhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealadh de locha, Na Tròiseachan

20l

Eilean I; Na Tròiseachan; Calasraid; Loch Laomainn; Sir Walter Scott; Lady of the Lake; Rob Roy

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection