Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cladh, Seann Eaglais, Both Chuidir
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0615
ÀITE
Both Chuidir
SGÌRE
Taobh Siar Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10533
KEYWORDS
Eilea I
Seann Eaglais Bhoth Chuidir
Rob Ruadh MacGriogair
Na Seumasaich
Cath Raon Ruairidh
Both Chuidir
Iarla Bhràghad Albainn
Diùc Mhon R
Graveyard, Old Kirk, Balquhidder

'S e seo an cladh aig Seann Eaglais Bhoth Chuidir, Siorrachd Pheairt. Tha uaigh Rob Ruaidh MhicGriogair, an neach-malairt cruidh ainmeil, ri taobh doras na Seann Eaglais ri taobh a mhnatha agus dithis dhen cuid mhac. Chaidh an dealbh seo a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Bha Rob Ruadh, a chaidh a thogail na Sheumasach, a' sabaid ann an Cath Raon Ruairidh 's gun e ach 18 bliadhna a dh'aois. An dèidh dhan t-sloinneadh MacGriogair a bhith air thoirmeasg ann an 1694, ghabh e ainm a mhàthar, Caimbeul. Bha e na dheagh neach-malairt cruidh is bha fearann aige ann am Both Chuidir, Creag Trostain is Inbhir Snàthaid, ach chaidh fhuadach an dèidh dha suim mhòr airgid a bh' aige air iasad o Dhiùc Mhon Rois a chall. Fhuair e fearann air iasad o Iarla Bhràghad Albainn, nàmhaid poileataigeach do Mhon Rois, is thòisich e a' goid chruidh is a' creach air fearann Mhon Rois.

Ann an Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715, bha Rob Ruadh an sàs ann an cogadh an aghaidh saighdearan an Riaghaltais, ach cha do ghabh e pàirt ann am Blàr Sliabh an t-Siorraim air sgàth a dhàimh ri na Caimbeulaich, a bha air taobh an Riaghaltais. A dh'aindeoin seo, bha e air iarraidh fo chasaid airson àrd-fealltachd. Bha e fo choill gus an tug e e fhèin seachad gu Seanalair Wade ann an 1725. Fhuair e mathanas o Sheòras I is bha e beò ann gu sìtheil gus an do bhàsaich e ann an 1734, faisg air Both Chuidir.

Bha a chliù air a dhèanamh cinnteach le leabhar Daniel Defoe, 'Highland Rogue', a chaidh fhoillseachadh ann an 1723, is leabhar Shir Walter Scott, 'Rob Roy', a nochd ann an 1818.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrIdheobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann, aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaIdhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cladh, Seann Eaglais, Both Chuidir

PEAIRT

20l

Eilea I; Seann Eaglais Bhoth Chuidir; Rob Ruadh MacGriogair; Na Seumasaich; Cath Raon Ruairidh; Both Chuidir; Iarla Bhràghad Albainn; Diùc Mhon R

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection