- TIOTAL
- Caisteal Inbhir Garadh, Loch Oich
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0617
- ÀITE
- Inbhir Garadh
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10535
- KEYWORDS
- Eilean I
Caisteal Inbhir Garaidh
caisteil
Loch Oich
Seanalair Monck
Am Prionnsa Teàrlach
Na Seumasaich
Diùc Chumberland, caisteal

Tha Caisteal Inbhir Garadh mu leth-mhìle an ear air Inbhir Garadh air cladaichean Loch Oich, Siorrachd Inbhir Nis. Chaidh an dealbh seo de thobhta a' chaisteil a thogail bho thaobh thall na loch anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson.
Chaidh an caisteal a thogail aig toiseach na 17mh linn agus 's e na Dòmhnallaich a thog e. Chaidh a losgadh leis an t-Seanailear Monck ann an 1654 ach chaidh a thogail às ùr agus a neartachadh. Fhuair feadhainn eile sealbh air rè àr-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus thadhail Am Prionnsa Teàrlach air rè àr-a-mach 1745. Ann an 1746, chaidh an caisteal a sgrios le feachdan Diùc Chumberland agus cha deach ath-thogail riamh.
Rugadh an neach-togail-dhealbh , Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrIdheobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaIdhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive