Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Beannacharan ann an Srath Fharrar. Sgurr na Lapaich seachad oirre
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0619
ÀITE
Loch Beannacharan
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10537
KEYWORDS
lochan
glinn
beanntan
beinn
dàmaichean
Loch Beannacharan in Glen Strathfarrar. Sgurr na Lapaich beyond

'S e loch bheag, dhomhainn a th' ann an Loch Beannacharan ann an Gleann Srath Fharrair. Seo tè dhe na lochan tro bheil Abhainn Fharrair a' ruith air a slighe dhan ear. Chaidh an loch a dhèanamh na bu mhotha nuair a chaidh Dàm Bheannacharan a thogail faisg air beul nàdarra na locha.

Chithear Sgurr na Lapaich fad às san dealbh seo. Tha a' bheinn an iar air Canaich agus tha 3773 troigh a dh' àirde innte, a' bheinn as àirde san sgìre.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Beannacharan ann an Srath Fharrar. Sgurr na Lapaich seachad oirre

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

lochan; glinn; beanntan; beinn; dàmaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection