Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ann an Gleann Srath Fharrair
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0620
ÀITE
Gleann Srath Fharrair
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10538
KEYWORDS
glinn
srathan
lagan
aibhnichean
lochan
ainmean àite
Seumasaich
Frisealaich
In Glen Strathfarrar

Tha mu 12 mhìle a dh'fhaid ann an Gleann Fharrair agus tha e a' giùlan Abhainn Fharrair an ear gu Abhainn Ghlas. Tha Loch a' Mhuillidh agus Loch Beannacharan le chèile sa ghleann. Bha uair a bha Gleann Srath Fharrair air fearann nam Frisealach agus, a rèir beul-aithris, bha Sìm Friseal, am Morair Lovat, am falach air eilean beag ann an Loch a' Mhuillidh an dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.

Tha an t-ainm annasach oir tha an aon chiall aig gleann agus srath. Tha e nas dorra tùs an fhacail, Farrar, a lorg. Tha e a' nochdadh air na seann mhapaichean mar Varar agus, tha beachd ann gur ann bhon fhacal Chruitheach 'var' a' ciallachdh 'lùbadh' a tha e.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ann an Gleann Srath Fharrair

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

glinn; srathan; lagan; aibhnichean; lochan; ainmean àite; Seumasaich; Frisealaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection