Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abhainn Fharrair, Gleann Srath Fharrair
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0621
ÀITE
Abhainn Fharrair
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10539
KEYWORDS
aibhnichean
glinn
dealan
lochan
River Farrar, Glen Strathfarrar

Abhainn Fharrair ann an sgìre Mhonar a tha dìreach an ear air Loch Carrann. Tha i a' sruthadh dhan ear mu 25 mìle tro Ghleann Srath Fharrair mus tèid i dhan Abhainn Ghlas faisg air An t-Srùigh. Air an t-slighe, tha an abhainn a' dol tro Loch Monar, Loch a' Mhuillidh agus Loch Beannacharan a tha nam pàirt de Sgeama Dealan-uisge Afraig-na Manachainn.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abhainn Fharrair, Gleann Srath Fharrair

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

aibhnichean; glinn; dealan; lochan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection