Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch a' Mhuillidh, Gleann Strath Fharrair
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0622
ÀITE
Loch a' Mhuillidh
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10540
KEYWORDS
eileanan
glinn
dealan
lochan
Seumasaich
Frisealaich
Loch a' Mhuillidh, Glen Strathfarrar

Tha Loch a' Mhuillidh ann an Gleann Srath Fharrair ceithir mile sìos an abhainn bho Loch Monar agus an iar gu Loch Beannacharan. Tha Abhainn Fharrair a' sruthadh tro Loch a' Mhuillidh air a slighe dhan ear. Bha Gleann Srath Fharrair uair air fearann nam Frisealach agus bha Sìm Friseal, am Morair Lovat, am falach air eilean beag ann an Loch a' Mhuillidh nuair a bha e fo choill an dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch a' Mhuillidh, Gleann Strath Fharrair

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

eileanan; glinn; dealan; lochan; Seumasaich; Frisealaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection