Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Chuil, Eilean Bhaile nan Gobhainn, An Linne Sheileach, beanntan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0630
ÀITE
Bàgh Chuil
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10543
KEYWORDS
aibhnichean
lochan
bàigh
eileanan
eilean
beanntan
beinn
oighreachdan
sealg
dealbhan camara
Cuil Bay, Eilean Balnagowan, Loch Linnhe, hills of Kingairloch

'S e loch-mhara mhòr air taobh siar na h-Alba a th' ann an Linne Sheileach. Tha i a' sgaradh Rubha na Morbhairne agus Rubha Àrd nan Gobhar bhon Apainn agus Meudarloch. Tha an Linne Sheileach mu 22 mìle a dh'fhaid bhon ear thuath chun an iar dheas agus tha i a' fosgladh a-mach dhan Linne Latharnach. 'S ann aig Caolas Chorrain as cumhainge i agus tha i sia mìle a leud san àite as leatha. Tha An Gearasdan agus beul Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir aig a' cheann a tuath. Aig a' cheann a deas tha Eilean Bhaile nan Gobhainn a tha an iar dheas air Bàgh Chuil.

Chithear beanntan Ceann a' Gheàrrloch ris a' chùl san dealbh seo. Tha Ceann a' Gheàrrloch a' gabhail a-steach frìth, oighreachd agus taigh oighreachd agus clachan beag aig ceann Loch a' Choire.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Chuil, Eilean Bhaile nan Gobhainn, An Linne Sheileach, beanntan

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

aibhnichean; lochan; bàigh; eileanan; eilean; beanntan; beinn; oighreachdan; sealg; dealbhan camara

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection