Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inshaig, Duror
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0639
ÀITE
Dùror
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10552
KEYWORDS
bailtean
tuineachadh
Seumasaich
murt
eucoirean
eucoir
crochadh
dealbhan camara
Inshaig, Duror

Tha an tuineachadh beag ris an canar Dùror aig ceann Gleann Dùror anns an Apainn. Tha e co-cheangailte ri Murt na h-Apann ann an 1752 nuair a chaidh Cailean Caimbeul, an Sionnach Ruadh, a mharbhadh le cuideigin nach d'fhuaradh a-mach cò e. Chaidh casaid, nach robh ceart, a thogail an aghaidh Sheumais Stiùbhairt às na Glinn agus chaidh a chrochadh airson a' mhuirt. Tha e air a thiodhlacadh anns A' Chill, deas air Dùror. Tha Bàgh Chuil, bàgh beag san Linne Sheileach, eadar Dùror agus A' Chill.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inshaig, Duror

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

bailtean; tuineachadh; Seumasaich; murt; eucoirean; eucoir; crochadh; dealbhan camara

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection