Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh agus cladach, Colbhasa
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0652
ÀITE
Colbhasa
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10565
KEYWORDS
eileanan
cladaichean
oirthir
bàgh
eòin-mhara
Bay and rocky coast, Colonsay

Tha eilean Cholbhasa deas air Muile agus an iar air Diùra. Tha e ceangailte aig a' cheann a deas ri eilean beag Orasaigh le tràigh ghainmhche air an coisich duine nuair a tha an làn a-muigh. Tha ùir thorrach ann an Colbhasa agus tha iomadh lus dùchasach a' fas ann cho math ri lusan agus craobhan annasach a thugadh a-steach do Lios Chill Odhrain nuair a fhuair am Morair Strathcona an t-eilean ann an 1905. Roimhe sin, bhuineadh an t-eilean do Chlann IcNèill, na Caimbeulaich, na Dòmhnallaich agus Clann Ic a' Phì no na MacDuffies. Tha mu 100 duine a' fuireach ann an Colbhasa an-dràsta agus eòin-mhara pailt air na bearraidhean mòra air an taobh siar.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh agus cladach, Colbhasa

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

eileanan; cladaichean; oirthir; bàgh; eòin-mhara

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection