Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàtaichean air acair leis an Linne Shlèiteach ris a' chùl
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0655
ÀITE
An Linne Shlèiteach
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10568
KEYWORDS
bàtaichean
iasgach
bàigh
rubha
eileanan
dealbhan camara
Boats moored in bay with Sound of Sleat beyond

San dealbh seo chithear bàtaichean air acair ann am bàgh san Eilean Sgitheanach. Seachad orra, tha An Linne Shlèiteach agus beanntan Chnòideirt. 'S e An Linne Shlèiteach an t-uisge a tha a' sgaradh Slèite san Eilean Sgitheanach agus Cnòideart air tìr-mòr. 'S e àireamh a' bhàta 246 BRD a tha a' ciallachadh gu bheil i clàraichte san Àth Leathainn.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàtaichean air acair leis an Linne Shlèiteach ris a' chùl

INBHIR NIS: Slèite

20l

bàtaichean; iasgach; bàigh; rubha; eileanan; dealbhan camara

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection