Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn Sgàthaich
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0657
ÀITE
Caisteal Dhùn Sgàthaich
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10570
KEYWORDS
caistealan
tobhtaichean
cinnidhean
cinneadh
eileanan
Dunscaith Castle

Tha tobhta Caisteal Dhùn Sgàthaich air creig faisg air Torsgabhaig aig beul Loch Eiseort ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha am muir air trì taobhhan dhen chaisteal agus tha gil chas air an taobh eile, le drochaid-thogalach a' dol thuige. B' ann aig Clann IcAsgaill a bha an caisteal bho thùs agus, bha e an uair sin aig Clann IcLeòid, mus robh e na dhaingneachd aig Dòmhnallaich an Eilein Sgitheanaich. Dh'fhalbh na Dòmhnallaich às a' chaisteal san t-17mh linn agus chaidh e na thobhta.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùn Sgàthaich

INBHIR NIS: Slèite

20l

caistealan; tobhtaichean; cinnidhean; cinneadh; eileanan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection