Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pufair air a' chladach, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0660
ÀITE
Skye
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10574
KEYWORDS
pufairean
bàtaichean
luchd
eileanan
cladaichean
dealbhan camara
Puffer on the shore, Skye

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn pufair air tìr air an tràigh anns an Ord san Eilean Sgitheanach. Thathas a' cur gual air tìr agus 's dòcha air a thoirt gu Ceitidh agus Floraidh NicNeacail a bha a' ruith Taigh-òsta Taigh an Ùird.

B' e bàtaichean-smùide a bha sna pufairean a bhiodh a' giùlan stuth sam bith timcheall a' chosta siar. Bha bonn nam pufairean còmhnard agus, mar sin, dheigheadh aca air a dhol air tràigh gun chidhe. Bhiodh na bàtaichean gam falamhachadh nuair a bhiodh an làn a-muigh agus bhiodh iad a' falbh a-rithist ri muir lìonaidh. Bha na pufairean bitheanta air an taobh siar suas gu na 1960an. An dèidh sin, cha b'fhiach dhaibh a bhith ris an obair. Chaidh an àireamh aca sìos agus, anns na 1980 an, sguir am pufair mu dheireadh. B'e pufair cho ainmeil 's a bh' ann a' 'Vital Spark', a fhuair cliù ann an sgeulachdan Para Handy le Niall Rothach.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pufair air a' chladach, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

20l

pufairean; bàtaichean; luchd; eileanan; cladaichean; dealbhan camara

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection