Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Blà Bheinn agus Clach Glas bho na Torran
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0662
ÀITE
Na Torran
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10576
KEYWORDS
cnuic
cnoc
beinn
beanntan
druim
dealbhan camara
Blaven and Clach Glas from Torrin

Chaidh an dealbh seo a thogail bho Na Torran air cladach Loch Shlaopainn san Eilean Sgitheanach. Aig 3044 troigh a dh'àirde, 's e Blà Bheinn tè de 12 Munro san Eilean Sgitheanach, ach tha Gleann Shligeachan ga sgaradh bhon Chuiltheann. Ach, tha Blà Bheinn fhèin a' gabhail a-steach Clach Glas a tha còrr is 2500 troigh agus, uaireannan, canar 'The Matterhorn of Skye' rithe.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B'e An Rudha Murchanach àite cho math 's a bha a' còrdadh rithe agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh aig Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta is chleachdaidhean ann an ceann a tuath agus an iar na Gàidhealtachd. Tha 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' air a dhà cho ainmeil dhiubh 's a th' ann agus na dealbhan aice fhèin anns na dhà dhiubh. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Blà Bheinn agus Clach Glas bho na Torran

INBHIR NIS: An Srath

20l

cnuic; cnoc; beinn; beanntan; druim; dealbhan camara

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection