Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois air Innis Fhadhail, Loch Odha
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0669
ÀITE
Innis Fhadhail
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10581
KEYWORDS
eileanan
eaglaisean
croisean
làraich tiodhlacaidh
Crìosdaidheachd
togail dhealbh
Cross on Inishail, Loch Awe

'S e eilean beag aig ceann a tuath Loch Odha, mu choinneamh baile Àrd an Aiseig, a th' ann an Innis Fhadhail. Chaidh tuineachadh Crìosdail a stèidheachadh air an eilean anns an 10mh linn. Bha paraiste Innis Fhadhail stèidhichte air an eilean gus an deach a' pharaiste a ghluasad chun a' Chladaich anns an 18mh linn. Tha làrach tiodhlacaidh air an eilean anns a bheil uaighean mòran de Chlann Mhic Artair. Chaidh an 12mh Diùc Earraghàidheal a thiodhlacadh an sin an dèidh a bhàis anns a' Ghiblean 2001.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois air Innis Fhadhail, Loch Odha

EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis

20l

eileanan; eaglaisean; croisean; làraich tiodhlacaidh; Crìosdaidheachd; togail dhealbh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection