Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Mhiogharraidh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0672
ÀITE
Cille Chomhain
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10584
KEYWORDS
caisteil
cinnidhean
togallaichean
rubhaichean
togail dhealbh
Mingarry Castle

Tha Caisteal Mhìogharraidh air rubha mu mhìle an ear-dheas air Cille Chomhain air Àird nam Murchan. Tha e a' coimhead a-mach air Loch Suaineart agus Eilean Mhuile. Chaidh an ciasteal a thogail anns an 13mh linn agus bha na ballachan aig an togalach sia-thaobhach suas ri 9 troighean de thighead agus mu 39 troigh a dh'àirde. Bha am prìomh shlighe a-steach dhan chaisteal air taobh na mara ach bha drochaid a ghabhadh togail a' dol tarsainn air dìg a' toirt dòigh eile do dhaoine faighinn a-steach ann. Chaidh cur ris a' chaisteal eadar an 16mh agus an 18mh linn.

Rugadh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Mhiogharraidh

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

caisteil; cinnidhean; togallaichean; rubhaichean; togail dhealbh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection