Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Mhiogharraidh agus Beinn na Seilge
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0681
ÀITE
Cille Chomhain
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10592
KEYWORDS
caisteil
tràighean
togallaichean
cnuic
cinnidhean
togail dhealbh
costa
costaichean
Mingary Castle and Bein na Seilg

Tha Caisteal Mhìogharraidh air rubha mu mhìle an ear-dheas air Cille Chomhain air Àird nam Murchan. Tha an caisteal air a shuidheachadh gu cudromach far am faicear fosglaidhean Loch Shuaineirt agus Caol Mhuile. Chaidh an caisteal a thogail anns an 13mh linn agus chaidh cur ris eadar an 16mh agus an 18mh linn. Bha am prìomh shlighe a-steach dhan chaisteal air taobh na mara ach bha drochaid a ghabhadh togail a' dol tarsainn air dìg a' toirt dòigh eile do dhaoine faighinn a-steach ann. Chaidh cur ris a' chaisteal eadar an 16mh agus an 18mh linn.
B' e cathair MhicIain Àird nam Murchan a bh' anns a' chaisteal. Bha e air a chleachdadh an dèidh sin le Seumas IV gus smachd a chumail air MacDhomhnaill, Tighearna nan Eilean agus bha e na ghearastan do fheachdan an riaghaltais rè àr-a-mach nan Seumasach ann an 1745. 'S cinnteach gun gabhadh fuireach anns an taigh gu na 1840an ach tha 's e tobhta a th' ann a-nis.

Rugadh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Mhiogharraidh agus Beinn na Seilge

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

caisteil; tràighean; togallaichean; cnuic; cinnidhean; togail dhealbh; costa; costaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection