Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh tughaidh, Eige
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0688
ÀITE
Eige
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10595
KEYWORDS
eileanan
taighean beaga
dachaighean
taighean
cinnidhean
coimhearsnachdan
togail dhealbh
mullach tughaidh
Na h-Eileanan a-staigh
Thatched cottage, Eigg

'S e Eige an dàrna eilean as motha dhe na h-Eileanan Beaga (Rum, Eilean nam Muc, Eige agus Canaigh) agus 's ann air a tha an àireamh-sluaigh as motha dhe na h-eileanan sin. B' ann le Dòmhnallaich Eige a bha an t-eilean mus do reic iad e ann an 1829. An dèidh sin bha uachdarain ann nach robh a' fuireach air an eilean nach do rinn dad airson àireamh-sluaigh an eilein a dhìon. Stèidhich a' choimhearsnachd Urras Dualchais Eilean Eige ann an 1991agus chaidh gabhail ris an tairgse aca gus an t-eilean a cheannach ann an 1997, a' cur an eilean fo smachd na coimhearsnachd ionadail.

Gu meadhan an 19mh linn, bha taighean-tughaidh gu math bitheanta air Eige. Bhiodh cruinn fiodha a' laighe air ballachan an taighe agus bhiodh ìrean de thughadh air an cur air na cruinn. Gu tric, bhiodh an tughadh air a chumail teàrainte le seann lìon iasgaich a bhiodh air a chumail le clachan, dìreach mar a chithear anns an dealbh seo.

Rugadh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh tughaidh, Eige

INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga

20l

eileanan; taighean beaga; dachaighean; taighean; cinnidhean; coimhearsnachdan; togail dhealbh; mullach tughaidh; Na h-Eileanan a-staigh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection