Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eilean Eige bho Àrasaig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0694
ÀITE
Eige bho Àrasaig
SGÌRE
Eige / Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10600
KEYWORDS
eileanan
cruthan tìre
seallaidhean
costa, costaichean
togail dhealbh
Eigg from Arisaig

'S e fear dhe na h-Eileanan Beaga dhe na h-Eileanan a-staigh a th' ann an Eige. Tha e a tuath air Àird nam Murchan agus a Deas air an Eilean Sgitheanach. Chaidh an dealbh seo a thogail a' coimhead air Eige bho Àrasaig. A bharrachd air a bhith na thuineachadh, tha Àrasaig a' dèanamh rubha a deas air Mallaig. Tha ceangal aige ri Naomh Moal Rubha agus ris a' Phrionnsa Teàrlach. Rè an Dàrna Cogaidh, bha e air a chleachdadh mar àite trèanaidh airson àidseantan dìomhair agus saighdearan sònraichte.

Rugadh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eilean Eige bho Àrasaig

INBHIR NIS

20l

eileanan; cruthan tìre; seallaidhean; costa, costaichean; togail dhealbh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection