Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fo Sgùrr Eige
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0697
ÀITE
Eige
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10602
KEYWORDS
cnuic
creagan
creag-eòlas
Eileanan Beaga
Innse Gall
Below Sgurr of Eigg

Tha An Sgùrr no Sgùrr Eige beagan a bharrachd air 1200 troigh a dh'àirde aig ceann a deas an eilein. Thathar an dùil gun deach An Sgùrr a chruthachadh mu 50 millean bliadhna air ais an uair a spreadh bholcàno air Rùm. Chaidh an tìr a dhealbh anns an Linn Deighe mu dheireadh an uair a chaidh a' chlach bhog a chrìonadh air falbh, a' fàgail clach chruaidh An Sgùrr a' stobadh a-mach. Tha Sgùrr a' ciallachadh beinn stobach.

Rugadh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fo Sgùrr Eige

INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga

20l

cnuic; creagan; creag-eòlas; Eileanan Beaga; Innse Gall

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection