Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càrn Ruaraidh Mhic Coinnich, Ceann a' Chnuic
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0704
ÀITE
Gleann Moireasdan
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10607
KEYWORDS
càirn
Na Seumasaich
Teàrlach Eideart Stiùbhart
carraighean-cuimhne
muirt
togail dhealbh
Roderick Mackenzie's cairn, Ceannacnoc

B'e mac gobha-òir à Dùn Èideann a bha a' sabaid na oifigear ann an arm A' Phrionnsa Theàrlaich a bh' ann an Ruairidh MacCoinnich. Bha e air a ràdh gu tric gun robh MacCoinnich air leth coltach ris a' Phrionnsa. As t-samhradh 1746, an dèidh call aig Cùl Lodair, chuairtich saighdearan an riaghaltais buidhean de Sheumasaich, am Prionnsa agus MacCoinnich nam measg, aig Gleann Moireasdan. Chaidh MacCoinnich a bhualadh le peilear agus an uair a bha e aig uchd a bhàis dh'èigh e, 'Tha sibh air ur prionnsa a mharbhadh'. Dh'adhbhraich sin nach robh na saighdearan cho dealasach ann a bhith a' sireadh a' phrionnsa agus fhuair esan air falbh le bheatha. Tha an càrn cuimhneachaidh seo do Ruairidh MacCoinnich ri taobh an rathaid A887 a' dol tro Ghleann Moireasdan. Tha an uaigh aige air taobh eile an rathaid, air bruaichean Abhainn Mhoireasdan. Gheibhear thuice air sgàth obair a rinn buidhnean eachdraidh ionadail agus Clann MhicCoinnich.

Rugadh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càrn Ruaraidh Mhic Coinnich, Ceann a' Chnuic

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

20l

càirn; Na Seumasaich; Teàrlach Eideart Stiùbhart; carraighean-cuimhne; muirt; togail dhealbh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection