- TIOTAL
- Abhainn Moireasdan
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0715
- ÀITE
- Abhainn Moireasdan
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10614
- KEYWORDS
- aibhnichean
uisge
glinn
togail-dhealbh

Tha Abhainn Moireasdan a' sruthadh bhon cheann an ear de Loch Cluanaidh, tro Ghleann Moireasdan agus a-steach a Loch Nis faisg air Inbhir Moireasdan. Tha iomadh eas beag air an abhainn.
Rugadh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann a sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive