Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uighean guileabnaich
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0717
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10616
KEYWORDS
togail-dhealbh
guileabnaich
ugh: neadan
Curlew eggs

'S e an guileabnach an t-eun grunnachaidh as motha anns an Roinn Eòrpa. Tha corp an eòin breac dhonn agus tha gob fada a tha a' lùbadh sìos air agus tha casan fada air. Anns a' bhitheantas, 's e boiteagan, maorach agus carrain a bhios an guileabnach ag ithe. Mar as trice, beiridh guileabnach 4 uighean ann an nead ao-domhainn. Bho chionn ghoirid chan eil uiread de ghuileabnaich air a bhith air am breith a chionn 's gu bheil tòrr dhe na h-àrainnean anns am biodh iad a' neadachadh agus ag ithe air a dhol à bith. Chaidh an dealbh seo de nead le ceithir uighean guileabnaich a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn.
Rugadh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann a sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uighean guileabnaich

20l

togail-dhealbh; guileabnaich; ugh: neadan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection