- TIOTAL
- Sealladh bàigh, Dùrar, Apainn
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0719
- ÀITE
- Dùror
- SGÌRE
- Ceann a Tuath Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10618
- KEYWORDS
- togail-dhealbh
bàigh
costa
costaichean

'S e gleann beinne farsaing a tha a' dol sìos gu ruige Na Linne Sheileach air costa an iar na h-Apainn a th' ann an Gleann Dùrar. 'S ann ann a rugadh Seumas Stiùbhart - Seumas a' Ghlinne - a chaidh a chrochadh airson bàillidh Loch Iall, Cailean Caimbeul à Gleann Iubhair a mhort ann an 1752. 'S e 'Mort na h-Apainne' a chaidh a thoirt air an seo agus chun an latha an-diugh, tha teagamh ann mu ciont Sheumais Stiùbhairt. Chaidh na thachair a dhèanamh ainmeil le Raibeart Louis Stevenson anns an leabhar 'Kidnapped'.
Chaidh an sealladh bàigh seo a-null chun nam beanntan aig Dùrar a thogail le M.E.M Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn.
Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive