Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh bho Uamh Àird Sheile, An Apainn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0720
ÀITE
Àird Seile
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10619
KEYWORDS
togail-dhealbh
Seumasaich
Àr-a-mach nan Seumasach
uamhan
easan
View from Ardsheal's Cave, Appin

Rè àr-mach nan Seumasach ann an 1745-46, bha Stiùbhartaich Apainn, le Teàrlach Stiùbhart Àird Sheile air an ceann, air taobh A' Phrionnsa Theàrlaich agus shabaid iad air a shon aig Cùl Lodair. An dèidh dhan Phrionnnsa call, theich Stiùbhart Àird Sheile bho fheachdan an Riaghaltais. A rèir beul-aithris, chaidh e am falach ann an uamh air cùl eas, faisg air baile Dhùrair air Rubha Àird Sheile. Chaidh an sealladh seo de 'Uamh Àird Sheile' a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M Donaldson agus chaidh a cleachdadh anns an leabhar aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands'. Chithear sìobann an easa air an taobh cheart dhen dealbh.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh bho Uamh Àird Sheile, An Apainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

togail-dhealbh; Seumasaich; Àr-a-mach nan Seumasach; uamhan; easan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection