Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois Ì, Eaglais na Cille, Loch Àlainn, A' Mhorbhairne
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0733
ÀITE
Loch Alainn
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10633
KEYWORDS
togail-dhealbh
croisean
croisean Ì
eaglaisean
Ionian Cross, Keil Church, Lochaline, Morvern

'S e seann làrach cràbhach, faisg air Loch Àlainn air rubha na Morbhairne a th' ann an Cille agus tha ceangal aige ri Calum Cille. Ged 's ann san 19mh linn a chaidh an eaglais a th' ann an Cille an-dràsta a thogail, tha làraich de dh'eaglais bho na meadhan-aoisean ann an cladh na h-eaglaise. Tha a' chrois seo le ceann cruinn a deas air an eaglais a th' ann an-dràsta, a' coimhead a-mach air Caolas Mhuile. Ach, chan eil i anns an àite far an robh i an toiseach agus 's dòcha gu bheil ceangal aice ris an eaglais bho na meadhan-aoisean bhon a chaidh a dèanamh anns an 14mh no anns a' 15mh linn. 'S ann de sheòrsa Ì a tha an snaigheadh le figheachain agus ìomhaighean lusan air an eadar-thoinneamh agus a' tighinn gu crìoch aig a' bhonn aig ceann nan dràgoin. Chaidh an dealbh a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois Ì, Eaglais na Cille, Loch Àlainn, A' Mhorbhairne

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne

20l

togail-dhealbh; croisean; croisean Ì; eaglaisean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection