Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Duine na sheasamh air cumadh chreagan, A' Mhorbhairne
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0736
ÀITE
A' Mhorbhairne
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10636
KEYWORDS
togail-dhealbh
creagan
costa
costaichean
Man standing on rock formation, Morvern

Tha Rubha Na Morbhairne ann an Earra-Ghàidheal, a deas air Àird nam Murchan agus an ear-thuath air Muile. Tha e air a chuairteachadh leis an Linne Sheileach, Caolas Mhuile agus Loch Suaineart. 'S e Loch Àlainn am prìomh thuineachadh air a' Mhorbhairne agus tha slighe aiseig ghoirid a' dol gu ruige Fisnis air Muile agus gu Fionnairigh. 'S iad Fuar Bheinn, 2798 troigh, agus Beinn Mheadhoin, 2423 troigh na beanntan as àirde air an rubha. Chaidh an dealbh inntinneach seo de chumadh creige, le bogha air a chrìonadh gu nàdarra, air costa na Morbhairne, a thogail le M.E.M. Donaldsonanns a' chiad leth dhen 20mh linn. Chan eil fhios cò an duine a tha ann am meadhan na deilbh.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Duine na sheasamh air cumadh chreagan, A' Mhorbhairne

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne

20l

togail-dhealbh; creagan; costa; costaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection