Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Cill Fionndain (Caisteal nan Con), A' Mhorbhairne
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0738
ÀITE
Cill Fionndain
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10638
KEYWORDS
caisteil
dùin-cnuic
dùn-cnuic
Clann MhicIllEathainn
rubhaichean
costa
costaichean
Killundine Castle (aka Caisteal nan Con), Morvern

Tha Caisteal Cill Fhionndain - no Caisteal nan Con mar a theirear ris cuideachd - a' coimhead a-mach air Caolas Mhuile air a' chosta a deas de Rubha na Morbhairne. Chaidh a thogail anns an t-17mh linn ach chaidh a thogail an taobh a-staigh crìochan dùn ro-eachdraidheil. A rèir beul-aithris, tha ceangal aig an làrach ri Tighearna nan Eilean ach chan eil fianais ann gun robh an ciasteal fo an smachd anns na meadhan-aoisean. 'S dòcha gur e Ailean M'Ean vic Ewin MacIllEathain, fear taca Chill Fionndain ann an 1671 agus ann an 1675 a thog an caisteal. Chaidh an dealbh seo a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Cill Fionndain (Caisteal nan Con), A' Mhorbhairne

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne

20l

caisteil; dùin-cnuic; dùn-cnuic; Clann MhicIllEathainn; rubhaichean; costa; costaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection