Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Àird Thòirinis bho Loch Àlainn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0743
ÀITE
Àird Tòirinis
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10645
KEYWORDS
togail-dhealbh
caisteil
costa
costaichean
lochan
Clann Dòmhnaill
Ardtornish Castle from Loch Aline

Tha Caisteal Aìrd Thòirinis air rubha a tha a' coimhead gu deas agus a tha a' dol a-steach gu Caolas Mhuile mu mhìle gu leth an ear-dheas air beul Loch Àlainn. Chan eil fhios aig duine air mòran mu eachdraidh thràth ach tha e ann an stoighle taighean-talla a bh' air an togail anns an 13mh linn. Anns a' 15mh linn bha e fo smachd Clann Dòmhnaill, Tighearna nan Eilean. Tràth anns an t-16mh linn bha e air a dhol fo smachd Clann IllEathain agus chaidh fhàgail mu dheireadh thall faisg air deireadh an 17mh linn. Chaidh an dealbh seo dhen chaisteal a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Àird Thòirinis bho Loch Àlainn

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne

20l

togail-dhealbh; caisteil; costa; costaichean; lochan; Clann Dòmhnaill

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection