Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cladach a' Phrionnsa, Loch nan Uamh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0750
ÀITE
Loch nan Uamh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10652
KEYWORDS
Am Prionnsa Teàrlach
Seumasaich
Teàrlach Eideart stiùbhart
tràigh
tràighean
costa
costaichean
cladaichean
Prince Charlie's Beach, Loch nan Uamh

Thàinig Am Prionnsa Teàrlach air tìr air an tràigh aig Loch nan Uamh ann an Àrasaig as t-samhradh 1745, anns an oidhirp mu dheireadh gus crùn Bhreatainn agus Èirinn fhaighinn air ais dha na Stiùbhartaich. An dèidh call aig Cùl Lodair ann an 1746, chaidh am Prionnsa air falach ann an iomadach àite air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan fad chòig mìosan. Aig a' cheann thall, thill e gu Loch nan Uamh , chaidh e air bòrd long-cogaidh agus sheòl e gu sàbhailteachd anns an Fhràing agus cha do thill e tuilleadh. An-diugh, tha càrn a' comharrachadh an àite, a rèir beul-aithris, far an do thog e air a shlighe. Chaidh an dealbh dhen tràigh chreagach, aig Loch nan Uamh 's cinnteach, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cladach a' Phrionnsa, Loch nan Uamh

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20l

Am Prionnsa Teàrlach; Seumasaich; Teàrlach Eideart stiùbhart; tràigh; tràighean; costa; costaichean; cladaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection