Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Àrasaig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0754
ÀITE
Àrasaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10656
KEYWORDS
lochan
cnuic
beanntan
coilltean
taigh mòr
Arisaig House

Tha Taigh Àrasaig air 'Slighe nan Eilean', mu 32 mìle an iar air A' Ghearasdan. Tha an togalach a' coimhead gu deas thar Loch nan Uamh chun nam beanntan ann am Muideart air an taobh thall. Tha mòran ghàrraidhean agus choilltean mun cuairt air an taigh. Chaidh an dealbh seo, dhen talamh mun cuairt ait Taigh Àrasaig, 's cinnteach - anns a' chiad le dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Àrasaig

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20l

lochan; cnuic; beanntan; coilltean; taigh mòr

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection