- TIOTAL
- Tràigh chreagach, Loch nan Uamh, Àrasaig
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0755
- ÀITE
- Loch nan Uamh
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10657
- KEYWORDS
- togail-dhealbh
Am Prionnsa Teàrlach
Seumasaich
Teàrlach Eideart Stiùbhart
tràigh
tràighean
costa
costaichean

Thàinig Am Prionnsa Teàrlach air tìr air an tràigh aig Loch nan Uamh ann an Àrasaig as t-samhradh 1745, na oidhirp mu dheireadh cus crùn Bhreatainn agus Èirinn fhaighinn air ais dha na Stiùbhartaich. An dèidh call aig Cùl Lodair ann an 1746, chaidh am Prionnsa air falach ann an iomadach àite air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan fad chòig mìosan. Aig a' cheann thall, thill e gu Loch nan Uamh, chaidh e air bòrd long-cogaidh agus sheòl e gu sàbhailteachd anns an Fhraing agus cha do thill e tuilleadh. An-diugh, tha càrn a' comharrachadh an àite, a rèir beul-aithris, far an do thog e air a shlighe. Chaidh an dealbh dhen tràigh chreagach, aig Loch nan Uamh 's cinnteach, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn.
Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive