Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Dubhthaich agus Beanntan Chinn Tàile
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0757
ÀITE
Loch Dubhthaich
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10659
KEYWORDS
togail-dhealbh
fionnsgeul
buidseachan
beul-aithris
lochan
cnuic
ainmean àiteachan
Loch Duich and Five Sisters of Kintail

Chaidh an dealbh seo de cheann Loch Dubhthaich, le beanntan Chinn Tàile ris a' chùl, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn. 'S iad Sgùrr Moraich (876m), Sgùrr nan Saighead (929m), Sgùrr Phuaran (1068m), Sgùrr na Càrnach (1002m) agus Sgùrr na Ciste Duibhe (1027m) beanntan Chinn Tàile.

A rèir fionnsgeul, thàinig dithis Phrionnsa Èireanneach air tìr ann an stoirm agus thuit iad ann an gaol le dithis de sheachdnar nigheanan Rìgh Chinn Tàile. An dèidh gealltainn gun cuireadh iad a dh'iarraidh còignear bhràithrean airson nam peathraichean a bh' air fhàgail, phòs na Prionnsachan an dà Bhana-phrionnsa a b' òige agus thill iad a dh'Èirinn. Dh'fhuirich na peathraichean ach cha tàinig prionnsa no prionnsa, agus aig a' cheann thall dh'iarr iad air Buidseach Glas Coire Dhunnaid an cumail air faire an dèidh am bàis, agus rinneadh beanntan dhiubh.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin ann an Sanna a rinn i a dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Dubhthaich agus Beanntan Chinn Tàile

ROS: Loch Aillse

20l

togail-dhealbh; fionnsgeul; buidseachan; beul-aithris; lochan; cnuic; ainmean àiteachan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection