Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donain an uair a bhathar ga ath-thogail
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0762
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10661
KEYWORDS
togail-dhealbh
caisteil
caisteal
Seumasaich
Eilean Donan Castle during reconstruction

Tha Caisteal Eilean Donain aig beul Loch Dubhthaich, faisg air An Dòrnaidh air Taobh Siar Rois. Tha rudeigin air a bhith air an làraich bho shean; bha tobhta dùin bho Linn an Iarainn ri fhaicinn mus deach an t-ath-thogail a dhèanamh anns an 20mh linn. Chaidh caisteal geàrraidh a thogail air an làraich aig an àm a bha Alasdair II (1214-1249) a' riaghladh. Ro dheireadh an 13mh linn, bha an caisteal fo smachd Clann MhicCoinnich. Chaidh tùr a chur ris a' chaisteal anns a' 14mh linn. Mar luchd-dìon do Chlann MhicCoinnich, b' iad Clann MhicRath a' chiad fheadhainn a bha nam Maoir a' Chaisteil ann am 1511. Rè àr-a-amach nan Seumasach, chaidh gearastan a dhèanamh dheth le feachdan Shasainn ach chaidh sin fhaighinn fo smachd nan Seumasach. Ann an 1719, thug longan-cogaidh an riaghaltais agus chaidh tobhta a' chaisteil fhàgail fo fheum. Ann an 1911 chaidh an caisteal a cheannach le Iain MacRath-Gilstrap agus chuir esan air dòigh gum biodh e air ath-thogail anns an 20 bliadhna an dèidh dha a cheanach. An-diugh, 's e fear dhe na h-ìomhaighean as fheàrr leis na meadhanan dhen Ghàidhealtachd. Tha an dealbh a' sealltainn a' chaisteil mus deach ath-thogail. Chaidh an dealbh a thogail le M.E.M. Donaldson.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin ann an Sanna a rinn i a dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donain an uair a bhathar ga ath-thogail

ROS: Loch Aillse

20l

togail-dhealbh; caisteil; caisteal; Seumasaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection