Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh, Loch Fada, Ros an Iar
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0765
ÀITE
Loch Long
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10664
KEYWORDS
a' togail dheilbh
taighean-tughaidh
tughadh
a' tughadh
Thatched cottage, Loch Long, Wester Ross

Chaidh an dealbh seo, de thaigh-tughaidh air cladaichean Loch Fada, Taobh Siar Rois, a thogail le M.E.M Donaldson anns an dara leth den fhicheadamh linn.

Bha an tughadh air uachdar frèam fiodha a bha na laighe air ballachan an taighe. Bha e saor agus aotrom, gus nach cuireadh e cus cuideim air na ballachan. Chaidh caochladh rudan a chleachdadh mar eisimpleir connlach, fraoch agus feur, a rèir na bha ri làimh ann an àite. Bha an tughadh air a dhèanamh tèarainte le seann lìon no sreang, 's air a chumail daingeann le clachan.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh, Loch Fada, Ros an Iar

ROS: Loch Aillse

20l

a' togail dheilbh; taighean-tughaidh; tughadh; a' tughadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection