Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donan bhon taobh an ear fhad 's a chaidh a ath-thogail
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0768
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10667
KEYWORDS
a' togail dheilbh
caistealan
Na Seumasaich
lochan
Eilean Donan Castle from east, during reconstruction

Tha Caisteal Eilean Donan aig beul Loch Dubhthaich, faisg air Dòrnaidh air Taobh Siar Rois. Tha daoine air a bhith a' fuireach an sin bho chionn linntean; agus bha na bha air fhàgail de sheann dùn ghlainnichte ri fhaicinn mus deach ath-nuadhachadh a dhèanamh anns an fhicheadamh linn. Chaidh caisteal daingnichte a thogail air an làraich ri linn Alasdair II (1214-1249). Anmoch anns an13mh linn 's ann aig Clann MhicCoinnich a bha an caisteal. Chaidh tùr a chur ris anns a' 14mh linn. Air sgàth 's gun robh iad a' dìon Chlann MhicCoinnich, bha Clann MhicRath air an dèanamh mar Chonstabalan a' Chaisteil ann an 1511. Tro ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 bha an caisteal mar ghearastan do shaighdearan Sasannach ach fhuair na Seumasaich smachd air nas fhaide air adhart. Chaidh ionnsaigh a thoirt air le bàtaichean-cogaidh an riaghaltais ann an 1719 agus chaidh fhàgail na thobhta. Chaidh an caisteal a cheannach ann an 1911 le Iain MacRath-Gilstrap a rinn program ath-thogail air a' chaisteal thairis thar an ath fhichead bliadhna. An-diugh, 's e fear de na dealbhan as fheàrr den Ghàidhealtachd a tha air a chleachdadh le na meadhanan. Tha an dealbh seo a' sealltainn a' chaisteil bhon taobh an ear, fhad 's a chaidh a ath-thogail. Chaidh an dealbh a thogail le M.E.M Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donan bhon taobh an ear fhad 's a chaidh a ath-thogail

ROS: Loch Aillse

20l

a' togail dheilbh; caistealan; Na Seumasaich; lochan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection