Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Doras na naomh-chiste, Eaglais na h- Abaid, Ì
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0779A
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10675
KEYWORDS
a' togail dheilbh
Abaid Ì
abaidean
Sacristy door, Abbey Church, Iona

Chaidh an abaid Bhenedioctanach ann an Ì a thogail timcheall air 1200 air làrach manachainn Cholum Chille. Chaidh atharrachadh agus ath-thogail gu ìre anns an 13mh linn agus a-rithist anns a' 15mh linn nuair a chaidh naomh-chiste a thogail à trannsa a' chòisir a bhuineadh dhan 13mh linn. Chaidh doras na naomh-chiste, a tha air a dheagh shnaidheadh, (agus a th' anns an dealbh an seo) a thogail mar phàirt de na bha air fhàgail den airse an ear. Thàinig an abaid gu bhith na tobhta an dèidh an Ath-leasachaidh ann an 1560. Ann an 1874 an t-8mh Diùc Earra Ghàidheil coimisean do dh' ailtire airson an tobhta a dhìon agus ann an 1899 chaidh an togalach a thoirt do dh' Ùghdarras Cathair-Eaglais Ì. Thòisich ath-thogail ceart ann an 1902 agus bha togalaichean na manachainn deiseil agus air an cleachdadh a-rithist ann an 1965. Chaidh an sealladh seo de dhoras na naomh-chiste a thogail anns a' chiad phàirt den fhicheadamh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Doras na naomh-chiste, Eaglais na h- Abaid, Ì

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

20l

a' togail dheilbh; Abaid Ì; abaidean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection