Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh an ear Crois an Naoimh Mhàrtainn, Ì
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0781
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10676
KEYWORDS
a' togail dheilbh
an Naomh Màrtainn
snaidheadh
East face of St Martin's Cross, Iona

Tha Crois an Naoimh Mhàrtainn air taobh an iar doras Abaid Ì. Bhiodh i air a snaidheadh aig àm air choreigin eadar 700 agus 800 agus tha i fhathast anns an dearbh àite san deach a thogail. An seo, tha an taobh an ear den chrois ri fhaicinn air a shnaidheadh le caochladh nathraichean agus bachaidean cruinne. Aig àm steidhicheadh na manachainn ann an 563, bhiodh croisean air an dèanamh le fiodh. Ach, am meadhan an 8mh linn bha an t-eilean air fàs gu bhith na àite cudromach a thaobh nan ealain agus bha croisean coltach ris an tè seo nan seasamh leotha fhèin air an dèanamh. Chaidh an dealbh seo a thogail anns a' chiad phàirt den fhicheadamh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh an ear Crois an Naoimh Mhàrtainn, Ì

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

20l

a' togail dheilbh; an Naomh Màrtainn; snaidheadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection