Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois MhicGhillEathain, Ì (taobh an iar)
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0786
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10680
KEYWORDS
a' togail dheilbh
croisean
crois
Abaid Ì
Iosa Criosda
ceusadh
Maclean's Cross, Iona (west face)

Tha Crois MhicGhillEathain na seasamh air taobh an iar an rathaid eadar an Abaid Bhenedioctanach agus Taigh nan Cailleachan Dubha Augustinianach ann an Ì anns an àite san deach a togail an toiseach, no 's iongantach e. Buinidh i dhan 15mh lin agus tha i coltach ri crois a gheibhear à sgoil snaidhidh Ì. Tha e gu math coltach gun deach a coimiseanadh le ball de Chlann MhicGhillEathain. Tha an taobh an ear ri fhaicinn an seo air a sgeadachadh le obair-fillidh, stuadhan le lusan, ainmhidhean agus laoch aig bonn na coise. 'S e snaidheadh de Chriosda air a cheusadh a tha sa phrìomh dhealbh air an taobh an iar. 'S ann on a' chiad phàirt den fhicheadamh linn a tha an dealbh seo agus chaidh a thogail le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois MhicGhillEathain, Ì (taobh an iar)

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

20l

a' togail dheilbh; croisean; crois; Abaid Ì; Iosa Criosda; ceusadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection