Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Camas Cuil an t-Saimh, Ì
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0788
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10682
KEYWORDS
a' togail dheilbh
Colum Cille
curaich
curach
bàigh
eileanan
cost
costaichean
cladach
cladaichean
The Bay at the Back of the Ocean, Iona

'S e sàilean fasgach le tràigh gainmhich a tha sa bhàgh seo,'The Bay at the Back of the Ocean' air cost an iar Eilein Ì. Tha an Uamh Spùtach, a tha na iongantas nàdair, ra lorg san àite. Nuair a bhios an làn ìseal no aig meadhan àirde, agus ma bhios suaile meadhanach ann agus gaoth on iar-thuath bidh spùt de dh' uisge a' sprèadhadh air mullach an sgòir.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Camas Cuil an t-Saimh, Ì

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

20l

a' togail dheilbh; Colum Cille; curaich; curach; bàigh; eileanan; cost; costaichean; cladach; cladaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection