Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Giuthas Albannach
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0804
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10696
KEYWORDS
a' togail dheilbh
giuthas
craobhan
seann choillteach
seann choille
coille-ghiuthais
craobhan-giuthais
Scots Pines

'S e Craobhan Giuthais bunait nan coilltean giuthais Albannach. Tha iad uabhasach cudromach airson glèidhteachas fiadh-bheatha. Chan eil ach fuigheall de na coilltean mòra a bh' ann o chionn 8000 bliadhna ann an-diugh, air sgàth 's mar a chaidh am fiodh a losgadh airson connadh, a sguabadh airson àiteachais agus mar a rinn caoraich agus fèidh cus ionaltraidh air. An-diugh, tha pròiseact a' dol airson na seann choilltean seo a dhìon agus ath-nuadhachadh. Chaidh na craobhan giuthais (chan eil fios càite a bheil iad) a thogail le le M.E.M. Donaldson anns a' chiad phàirt den fhicheadamh linn.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Giuthas Albannach

20l

a' togail dheilbh; giuthas; craobhan; seann choillteach; seann choille; coille-ghiuthais; craobhan-giuthais

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection