Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'S dòcha Gleann Beag, Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0805
ÀITE
Gleann Beag
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10697
KEYWORDS
a' togail dheilbh
glinn
dùin
aibhnichean
Possibly Gleann Beag, Kyle of Lochalsh

Tha Gleann Beag deas air Gleann Eilge, ann an sgìre Chaol Loch Aillse. Tha trì dùin, Dùn Trodan, Dùn Teilbh agus Dùn Grugaig, ann an Gleann Beag. Tha Abhainn a' Ghlinne Bhig a' ruith tron ghleann agus a-mach don Linne Shlèiteach. Chaidh an sealladh seo, 's dòcha de Ghleann Beag, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad phàirt den fhicheadamh linn.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'S dòcha Gleann Beag, Caol Loch Aillse

INBHIR NIS: Gleann Eilg

20l

a' togail dheilbh; glinn; dùin; aibhnichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection