Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile à Màm Ràtagan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0808
ÀITE
Gleann Seile
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10698
KEYWORDS
a' togail dheilbh
uirsgeulan
draoidh
beul-aithris
ainmean-àite
cnuic
beanntan
lochan
Five Sisters of Kintail, Glenshiel, from Mam Ratagan

'S iad Còig Peathraichean ChinnTàile, Sgurr Moraich (876m), Sgurr nan Saighead (929m), Sgurr Fhuaran (1068m), Sgurr na Carnach (1002m) agus Sgurr na Ciste Duibhe (1027m). Tha uirsgeul ag innse gun do thuit dà Phrionnsa Èireannach, a thàinig air tìr ann an stoirm, ann an gaol le dithis de na seachdnar nigheanan aig Rìgh Chinn Tàile. An dèidh dhaibh gealladh gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-null airson na nigheanan a bha air fhàgail, phòs na prionnsaichean an dithis bana-phrionnsa a b' òige agus thill iad a dh'Eirinn. Dh'fhuirich an còignear nigheanan , agus mu dheireadh dh'fhaighnich iad de Dhraoidh Liath Choire Dhunnaid faire a chumail seachad air am beatha fhèin, 's mar sin dh' atharraich e iad gu bhith nam beantan.

Chaidh an sealladh de na Còig Pheathraichean, bho Mhàm Ràtagan aig ceann Loch Dubhthaich, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad phàirt den fhicheadamh linn.

Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile à Màm Ràtagan

ROS: Loch Aillse

20l

a' togail dheilbh; uirsgeulan; draoidh; beul-aithris; ainmean-àite; cnuic; beanntan; lochan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection