Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid aig Gleann Beag, faisg air Gleann Eilg
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0812
ÀITE
Gleann Beag
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
20c
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10702
KEYWORDS
togail-dhealbh, Gàidhealtachd agus na h-Eileanan, eachdraidhean sòisealta
dròbhaireachd, brochaichean, broch, dealbh, drochaidean, bailtean, glinn, aibhnichean
Bridge at Glenbeg, by Glenelg

Chaidh an dealbh dhen drochaid seo thar abhainn, le craobhan air bruachan na h-aibhne, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn. 'S dòcha gur ann ann an Gleann Beag faisg air Gleann Eilg a tha seo.

'S e baile beag air Bàgh Ghleann Eilg, a' coimhead a-mach chun an Eilean Sgitheanaich, a th' ann an Gleann Eilg. Tha e air a chuairteachadh air trì taobhannan le Loch Dubhthaich, Caolas Shlèite, agus Loch Shùirn le aon rathad a' dol thuige seachad air Màm Ràtagan bho Ghleann Seile. 'S e Baile na h-Eaglaise an t-ainm a bh' air chun an 18mh linn, agus dh'fhàs am baile mun cuairt air eaglais paraiste, agus leudaich e an uair a thàinig an t-arm an uair a chaidh Taigh-feachd Bheàrnaraigh a thogail ann an 1717. Tha am baile ainmeil mar làrach dà bhroch bho Linn an Iarainn agus aig aon àm b' e am prìomh àite do dhròbhairean cruidh airson gluasad eadar tìr-mòr agus an t-Eilean Sgitheanach.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail I mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn I iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid aig Gleann Beag, faisg air Gleann Eilg

INBHIR NIS: Gleann Eilg

20c

togail-dhealbh, Gàidhealtachd agus na h-Eileanan, eachdraidhean sòisealta; dròbhaireachd, brochaichean, broch, dealbh, drochaidean, bailtean, glinn, aibhnichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection