- TIOTAL
- Cnoc Uachdar Thìre, bho Aìrd an t-Sabhail
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0813
- ÀITE
- Uachdar Thìre
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 20c
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10703
- KEYWORDS
- togail-dhealbh
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
eachdraidhean sòisealta
dealbh
lochan
bailtean
cnuic
beanntan
eileanan
Chaidh an dealbh seo de Loch Aillse gu Cnoc Uachdar Thìre, air fhaicinn bho Àrd an t-Sabhail, a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn.
'S e loch mara air a' chosta an iar, eadar tìr-mòr agus an t-Eilean Sgitheanach a th' ann an Loch Àillse. Tha I a' fosgladh a-mach chun na mara air an iar-thuath tro Chaol Acainn agus gu deas tro Chaol Reatha. 'S iad Caol Loch Aillse agus Baile Mac Ara an dà phrìomh thuineachadh air Loch Aillse.
Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail I mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn I iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive