- TIOTAL
- Sealladh-tìre Eige
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0843
- ÀITE
- An t-Eilean Eige
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
- LINN
- 20c
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10735
- KEYWORDS
- togail-dhealbh
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
eachdraidhean-sòisealta
Na h-Eileanan a-staigh
gainmheach
dealbh
cnoc
cnuic
beinn
beanntan
creag
creagan
costa
costaichean
iomall-fairge
iomaill-fairge

Chaidh an dealbh dhen t-sealladh-tìre chorrach seo air eilean Eige a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen 20mh linn. Chithear An Sgùrr air fàire.
Tha Eige, fear dhen na h-Eileanan a-staigh, mu 7 mìle bhon tìr-mhòr. 'S e clach-ghainmhich bhàn a bhios a' crìonadh nan cumaidhean annasach agus a tha air 'gainmheach ceòlar' Chamas Sgiotaig a chruthachadh a tha anns na bearraidhean a tuath aig Bàgh na Laig agus Camas Sgiotaig.
Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail I mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn I iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive